Total Pageviews

04 October 2011

Dè tha dol? - Gaelic Arts news


-------- Original Message --------
Subject: Dè tha dol?
Date: Mon, 3 Oct 2011 11:06:44 -0400 (EDT)
From: Alexander Macleoid <alexander.pne@gmail.com>
Reply-To: alexander.pne@gmail.com
To: craig@siliconglen.com




      The 

         Gaelic Arts

             Newsletter


       Litir-Naidheachd Nan Ealan Gàidhlig



October

An Dàmhair

2011
A' Mhios Seo
Leabhraichean
Cothroman Obrach
Mòd Nàiseanta Rioghail
Òraid Cuimhneachaidh Aonghas MhicLeòid
Na Mo Chuid Aodaich
Grinneas nan Eilean
Òraid agus Leabhar air a Chuir air Bhog às Ùr
Faclan
Ceangalan
Maoinichte Le

bnag logo
creativescologo
Join Our Mailing List

Leabhraichean

Aibisidh

Le Aonghas Phàdraig Caimbeul 

aibisidh

Anns a' chruinneachadh ùr seo, tha Aonghas Phàdraig Caimbeul a' gabhail sealladh eadar-nàiseanta tro phrosbaig a dhùthchais fhèin. Tha bun-stèidh nan dàn acraichte na thogail ann an ceann a deas Uibhist a Deas, agus a' sgaoileadh a-mach bho na freumhan daingeann sin gu seallaidhean soilleir eadar-dhealaichte, an t-seann Aonadh Sòibhietach.
Tha na dàin fhèin
a' còmhdach iomadh cuspair - gaol, poilitigs, àbhachdas, creideamh agus cànan nam measg - agus a' dèiligeadh gu h-ealanta ri na ceanglaichean lìonmhor a tha a' sìor mheudachadh eadar ar cultar fhìn agus an saoghal mòr anns a bheil sinn uile beò.
  
 ............................


An Croitear

Le Martin Waddell,
dealbhan le Helen Oxenbury  
an croitear cover 

 Ìre: Clann aois 3-5

Bha tunnag ann uaireigin a' fuireach còmhla ri seann chroitear. `S e an tunnag a bha ag obair agus cha b' e an croitear. Bha esan san leabaidh fad an latha.
Cha robh aigesan fad na h-ùine ach "Dè mar a tha an obair?" fhad `s a bha an tunnag bhochd a-null `s a-nall eadar cladhach, sàbhadh, nigheadaireachd is iarnaigeadh.
B' ann air sgàth sin a chaidh na beathaichean eile air an casan!

________________ 

Tha na leabhraichean seo agus mòran eile gan reic aig làrach-lìn Ùr Sgeul an seo.



Cothroman Obrach


MG Alba
Cuiribh fios thuca ro 7 Dàmhair

___________


Iomairt na Gàidhealtachd
Cuiribh fios thuca ro 9 Dàmhair

______________
    

Luchd-Teagaisg
(Eadar-Amail)
Bun-Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

Tuilleadh fiosrachaidh bhon sgoil air 0141 2768500

______________


Luchd-Stiùiridh
Sradagan Ghlaschu

Tuilleadh fiosrachaidh bho  Choinneach Combe

______________


Tidsearan Còmhraidh
Meetup Ghàidhlig Ghlaschu

.............................. 
  Dear Craig,


mod2011logoo

Mòd Nàiseanta Rioghail 2011 

14 Dàmhair

gu

22 Dàmhair

Na h-Eileanan Siar

  
Tha am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' tighinn gu Steòrnabhagh am-bliadhna le tachartasan a' tòiseachadh leis an Fhosgladh Oifigeil air Dihaoine 14 Dàmhair anns An Lanntair ann an Steòrnabhagh.

Tha an t-seachdain a tha a' leantainn gu bhith làn le na co-fharpaisean àbhaisteach agus bidh faireachdainn fèise a' tighinn air Steòrnabhagh le iomadach tachartas eile a' gabhail àite air feadh a' bhaile agus an eilein agus a' tighinn gu crìoch le Caismeachd nan Còisirean & Còmhlain Pìoba   
  Gheibhear tuilleadh fiosrachadh:

an seo

agus cothrom tiocaidean a cheannach:

an seo 
...........................................


Òraid Cuimhneachaidh boydrobAonghas MhicLeòid

17 Dàmhair
An Lanntair, Steòrnabhagh
7.30f

Bidh an t-Ollamh Boyd Robasdan, ceannard Sabhal Mòr Ostaig, a' bruidhinn mar phàirt den Mhòd Nàiseanta Rìoghail ann an Steòrnabhagh.

Bidh an òraid ann an Gàidhlig, le eadar-theangachaidh co-amail ann am Beurla, air a' chuspair 'Cànan, Cultar agus Coimhearsnachd'
......................................... 


Anns an Eilean Sgìtheanach

A Bheil Seann Aodach Agad air a Bheil Feum air Beatha Ùr? 

Tha sgioba Phròiseact nan Ealan ag iarraidh iasad de sheann aodach a th' air lobhtaichean, ann an clòsaidean agus an drathraichean buinn airson a' phròiseict, far an toir modalan òga bhon choimhearsnachd beatha ùr dhaibh ann an taisbeanadh agus ann an dealbh-chluich.

Thathas an dòchas gum faighear taic mhòr bho na coimhearsnachdan mar a fhuairear nuair a bha na taisbeanaidhean anns a' chiad còig coimhearsnachdan ann an Leòdhas.

Ann an seo thàinig beairteas de dhreasaichean bainnse agus aodach luachmhor fasanta eile eadar adan eaglaise, èididhean, fo-aodaichean Bhictorianach is gùintean bàlla, trusganan Mary Quant bho na 1960an agus stoidhlichean grinn co-aimsireil a-steach.


Cuirear fàilte air seann aodach fasanta. Ma tha sibh airson aodach a thoirt seachad air iasad cuiribh fios gu:  

  

Sìne Ghilleasbuignmca poster

Lasair (Iomairt Ghàidhlig an Eilein Sgitheanaich)
3 Glas Bheinn
Stafainn
IV51 9JZ

Fòn: 01470 562325

No
Jennifer Millington
Co-òrdanaiche
Crossroads Care An Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
Fòn: 01478 612399

No
Marisa / Marina
Pròiseact nan Ealan
Fòn: 01851 704493
........................................

grinneasgrinneas3








 
Grinneas nan Eilean

3 Dùbhlachd
gu
29 Faoilleach 

'S e taisbeanadh fosgailte nan eilean a th' ann an Grinneas nan Eilean agus ann an dòigh, seo far an do thòisich An Lanntair.

Anns na Seachadan cha robh àite-taisbeanaidh idir ri fhaotainn anns na h-eileanan. Bha cothroman cuibhrichte ann an Talla a' Bhaile Steòrnabhaigh a mhaireadh dà sheachdain, aon turas sa bhliadhna. Ach a-nis ged-tà, tha àite anns a' ghailearaidh as fheàrr sa Ghàidhealtachd. Tha an taisbeanadh iomadh-ghlacaidh agus uile--roghnach. Taisbeanadh le na daoine airson nan daoine.
Ma tha sibh airson pìos ealain a chur a-steach dhan taisbeanadh tha am foirm inntrigidh ri lorg an seo

Airson tuilleadh fiosrachaidh, cuiribh fòn gu An Lanntair air
01851 703307
 
.......................................

marjoryÒraid agus Leabhar air a Chuir air Bhog às Ùr


19 Dàmhair 
Taigh-Òsta a' Chaberfeidh, Steòrnabhagh
12f - 2f  saor 's an-asgaidh


Bidh Urras nan Leabhraichean a' cur air bhog clò-bhualadh ùr de leabhar Marjory Kennedy Fraser 'A Life of Song', a' dèanamh ath-mheas air an tabhartas a rinn i air a bhith a' cruinneachadh òrain Ghàidhlig.

........................................ 
faclan banner
Faclan

24 Dàmhair
gu
29 Dàmhair
Na h-Eileanan Siar

Tha na tachartasan co-cheangailte ri Faclan: Fèis Leabhraichean Innse Gall suidhichte anns An Lanntair, ach tha e cuideachd a' gabhail àite am-bliadhna air feadh nan Eilean Siar. 

mar eisimpleir

An Dà Shealladh
An Lanntair 
Am-bliadhna, an uair a bhios na clocaichean a' dol air ais agus na làithean a' fas nas giorra , Tha Faclan anns An Lanntair a' sgrùdadh iongantas traidisean an Dà Shealladh agus na h-os-nàdarra.

Ìompachadh Eilein
Uibhist, Na Hearadh, Barraigh agus Leòdhas 
Bidh Maoilios agus Mairead Caimbeul a' toirt seachad ceithir taisbeanaidhean ann an Uibhist, Na Hearadh, Barraigh agus Leòdhas. Ann an Steòrnabhagh tha e a' toirt dreach còmhraidh eadar An Ollamh Domhnall Macleòid agus na Caimbeulaich mu dheidhinn an creideamhan pearsanta, le earrannan air an taghadh às an leabhar ùr aca.

Tha iomadach tachartas a' gabhail àite air feadh nan eilean agus gheibh sibh tuilleadh fiosrachaidh agus cothrom tiocaidean a cheannach airson gach tachartais an seo

.........................................

Tha mi an dòchas gun chòrd an litir-naidheachd seo ribh. Cuiribh fios a dh'innse dhomh ma tha càil ann bu mhiann leibh fhaicinn innte an ath mhìos, neach sam bith bhom bu mhiann leibh cluinntinn no nì sam bith bu toigh leibh a chur a-steach innte!


Le gach deagh dhùrachd
Alexander Macleòid


Post a Comment

Popular Posts