Total Pageviews

10 June 2011

Gaelic arts news - Dè tha dol?

Forwarded excellent message on Scots Gaelic events and news

----- Forwarded message -----
From: "Alexander Macleoid" <alexander.pne@gmail.com>
To: <craig@siliconglen.com>
Subject: Dè tha dol?
Date: Fri, Jun 10, 2011 12:15


If you would like to receive this in English please email quoting BEURLA.
 
You may unsubscribe if you no longer wish to receive our emails.





              The 

                               Gaelic Arts

                                       Newsletter

 

       Litir-Naidheachd Nan Ealan Gàidhlig

June/July

An t-Ògmhìos/An t-Iuchar 

2011

A' Mh&amp;igrave;os Seo
Airson an Leabhair-Là
Leabhraichean
Cothroman Obrach
Cuimhneachan airson Ishbel NicAsgaill
Fèis A' Chinn Shiair
Ainmeil Thar Cheudan
Cùrsa Sònraichte
Seachdain Bàrdachd
Tachartasan Eile

Ceangalan

Maoinichte Le


bnag logo
creativescologo
Join Our Mailing List

Airson an Leabhair Là

 

ceolas logo blue june 2011 

3mh - 8mh An t-Iuchar

 

Ceòlas: Sgoil Shamhraidh agus Fèis Chiùil

  

Dalabrog, Uibhist a Deas 

 

Fèis de cheòl, òrain is dannsa Gàidhealach ann an Uibhist a Deas, a' gabhail a-staigh cuirmean-ciùil, cèilidhean agus cothroman gu leòr airson na h-ealain tradiseanta seo fheuchainn le sàr luchd-teagaisg agus luchd-stiùiridh ann am bùthan-obrach.

Brùth an seo airson tuilleadh fiosrachadh... 

 

................................ 

 

 

tiree music fest

23mh - 24mh An t-Iuchar

 

 

Fèis Chiùil Thiridhe

 

Airson fiosrachadh brùth an seo...


................................ 

 

 

snaidhm 

25mh - 30mh An t-Iuchar

 

Còmhdail Eadar-Nàiseanta Ceilteach, 

An Gearastan

 

Seachdain de dh'òraidean, cèilidhean agus cuairtean a dh'àiteachan eachdraidheil. Clasaichean cànan agus seinn ann an Gàidhlig gach madainn.

Airson barrachd fiosrachadh: Christine Mackay - Chris@eileanluinn.freeserve.co.uk

 

.................................


 

harrisfest
3mh - 8mh An t-Iuchar

 

Fèis Ealain na Hearadh

  

Feasgaran de sgeulachdan agus òrain a' sgrùdadh cultar Innse Gall, airson clan agus inbhich.

 

Tuilleadh fiosrachadh an seo.

Leabhraichean

 

Cuid a' Chorra-Ghrithich 

 

le Alasdair Caimbeul 

foillsichte Samhradh 2011 

 

corra-ghrithich

 

"Os cionn gleadhraich na bainnse, bha caraid dha Coinneach Mòr, Am Bobo, a' seinn amhran tiamhaidh às an sgìre aige fhèin, agus dh'fheumadh i èigheachd. "Nuair chì mi balaich Shesiadair . . ." sheinn Am Bobo. Bhris duineigin timilair. "Mo nàire!" dh'èigh Magaidh Mhòr. "A bharrachd air pàist eile anns a' bhaile!"

 

Bha Coinneach Mòr, athair, aig muir, nuair a bhaisteadh Coinneach Beag. Seo mas do thòisich e dèanamh nam blocaichean concrete, mas d' fhuair e a' chiad làraidh. Gun fhiost dha a chaidh Coinneach Beag a bhaisteadh.

 

Null 's a-nall à New Zealand 's Astràilia. Bosun. Mas fhàgadh iad Lunnainn, bhiodh e a' cur stiùbhard às a' Chaisteal Nuadh air tìr airson sgadan 's salainn garbh; a' toirt òrdugh theann dha gun tilleadh air bòrd às an aonais. Bhiodh an stiùbhard a' tilleadh an dèidh uaireannan a thìde le dà phoca canabhais 's a ghàirdeanan a' slaodadh ris ..."

 

Earrann,

Cuid a' Chorra-Ghrithich

 

 

............................ 

 

Tha an leabhar seo agus mòran eile gan reic aig làrach-lìn Ùr sgeul an seo.



Cothroman Obrach

 

Tidsear Gàidhlig
Obar Dheathainn
 Tuilleadh an seo gu 20mh An t-Ògmhios 

_________

 

Neach-Ealain-Dràma Gàidhlig
Sabhal Mòr Ostaig
 cuiribh fios thuca ro 10mh An t-Ògmhios 

________

 

Tidsearan Còmhraidh
Meetup Gàidhlig Glaschu
 Tuilleadh air an làrach-lìn aca an seo... 

_________

 

Neach-Teagasg Ceòl agus Innleadair Fuaim 

Colaisde a' Chaisteil,

Beinn na Faoghla   

 Tuilleadh an seo gu 20 An t-Ògmhios... 

_________

 

Manaidsear Phròiseactan

Alba Aosmhor, Dumfries

 Tuilleadh an seo gu 17 an t-Ògmhios...

_________

 

Tidsear Gàidhlig

Àrd-Sgoil Braghad Albainn,

Obar Pheallaidh 

 Tuilleadh an seo gu 17 An t-Ògmhios...

__________ 

 

Prìomh Oifigear Gnìomhaicheas

Taigh Chearsabhagh 

Gu 15 An t-Ògmhios

 

airson fiosrachadh: 

Dana MacPhee, Taigh Chearsabhagh Museum and Arts Centre, Lochmaddy, Isle of North Uist, HS6 5AA

Post-d: dana@taigh-chearsabhagh.org

Fòn - 01876 500 240

Air an litir cuir: CEO Vacancy

 

.............................. 

  Dear Craig,

Cuimhneachan airson Ishbel NicAsgaill

 

ishbel macaskill

 

Diardaoin 16 An t-Ògmhios

7.30f

Eden Court, Inbhir Nis

 

"Guth òr" ann an saoghal na Gàidhlig.

 

Oidhche de dh'òrain agus ceòl a' gabhail àite ann an Inbhir Nis a' cuimhneachadh an seinneadair Gàidhlig a bhàsaich na bu thràth sa bhliadhna. Na beatha, thog i inbhe a chànan thairis a Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan - ann an 2006 thug i cobhair do Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd sa Phluic an dèidh mì-chinnt mu mhaoinicheadh agus theagasg i Gàidhlig thairis air a Ghàidhealtachd agus na h-Eileanan airson iomadh bliadhna.

 

Bidh còmhlan à Sgoil Chiùil na Gàidhealtachd, Art Cormack, Donnchadh Chisholm, Sheena Wellington, Dougie Pincock, Elspeth Cowie agus barrachd a' cluich air an oidhche. Ged nach fheumar pàigheadh airson tiocaidean, tha e riatanach d' ainm a chur sìos air an son.

   

Tuilleadh fiosrachadh an seo... 

 

..........................................  

 

Fèis A' Chinn Shiair

wef

 

Dihaoine 3 gu Là na Sàbaid 26 An t-Ògmhios

Ceann Siar Glaschu

 

Aig Fèis A' Chinn Shiair a mhios seo, tha gu leòr tachartasan Gàidhlig a' dol air adhart...

 

 

Blasad Gaidhlig 

 

Dimàirt 7 An t-Ògmhios

Dimàirt 14 An t-Ògmhios

7f

An Leanag

 

Seiseanan far am faigh luchd-ionnsachaidh blasad air Gàidhlig, gnàthasan-cainnt, tùsan facail agus tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn dòighean teagasg inntinneach.

  

 

Blasad Ùlpan

 

Diardaoin 9 An t-Ògmhios

Diardaoin 16 An t-Ògmhios

Diardaoin 23 An t-Ògmhios

7f gach feasgair 

An Leanag, 22 Mansfield Street, Glasgow, G11 5QP

Saor 's an asgaidh

 

Cothrom dòigh-teagasg Ùlpan fheuchainn, dòigh a tha air cuideachadh a thoirt do iomadach dhuine gus cànanan ionnsachadh gu soirbheachail air feadh an t-saoghail.

 

 

Blasad Seinn 

 

Diluain 13 An t-Ògmhios

Diluain 20 An t-Ògmhios

Leanag, 22 Mansfield Street, GlasgowG11 5QP
Saor 's an asgaidh (ach feumar clàradh air a shon)

Deagh chothrom beagan seinn Gàidhlig fheuchainn. A' tairgsinn trì bùithtean-obrach neo-fhoirmeil far am faigh sibh cothrom òrain ionnsachadh ann an àrainneachd chofhurtail. Gheibh sibh fàilte gu tradisean saoibhir ceòl Gàidhlig agus an cultar às an do dh'fhàs e. Bidh gach bùth-obrach air a leantainn le còmhradh goirid air Ùlpan.

Airson fiosrachadh, air neo airson clàradh, cuir fòn gu Duncan MacNeil air 0141 342 4119 air neo cuir post-d gu Duncan@anlochran.com
 

 

 

Còisir Gàidhlig Ghlaschu

 

10 An t-Ògmhios

KibblePalace, Glaschu
7.45f

 

Feasgar de dh'òrain air a stiùireadh le Coinneach Thompson.

 

Airson barrachd fiosrachadh cuir fòn gu 0141 334 2422

 


Tha fiosrachadh mu dheidhinn na tachartasan seo agus a h-uile rud a tha dol air adhart aig an fhèis ri lorg air làrach-lìn na fèise an seo:

 

http://www.westendfestival.co.uk/ 


..........................................


Ainmeil Thar Cheudanainmeil thar cheudan somhairle

 

15 - 18 An t-Ògmhios

 

Comharrachadh Ceud Bliadhna bho rugadh Somhairle MacGill-Eain
 
Sabhal Mòr Ostaig, An t-Eilean Sgitheanach

 

Ma tha sibh ag iarraidh àite a ghleidheadh aig a' cho-labhairt lìonaibh  AM FOIRM AIR LOIDHNE seo a-steach no cuiribh fios gu Sandra Byrne air 01471 888 000 no air post-d. 

 

Mar chomharrachadh air ceud bliadhna bhon rugadh Somhairle MacGill-Eain (1911 - 1996), tha Sabhal Mòr Ostaig, Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus an t-Ionad Albannach airson Sgrùdaidhean Eilein aig Oilthigh Taobh Siar na h-Alba a' toirt cuireadh dhuibh tighinn còmhla rinn aig comharrachadh de bheatha, de shaothair agus de na dh'fhàg e mar dhìleab.

Am measg nan urramach ionadail, nàiseanta is eadar-nàiseanta a bhios a' nochdadh ann, bidh Liz Lochhead, a chaidh a chur an dreuchd o chionn ghoirid mar Bhàrd-molaidh na h-Alba agus Aonghas MacNeacail. Bidh cuideachd an t-Ollamh Douglas Gifford, Timothy Neat, an t-Ollamh Máir Ní Annracháin agus Crìsdean MacIlleBhàin.

Gheibhear fuireach aig a' Cholaiste airson £275 le trì oidhcheannan, biadh agus dìnneir na co-labhairt sa phrìs. Cosgaidh e £35 a bhith an làthair gach latha às aonais cosgais àite-fuirich agus tha prìsean sònraichte ann do dh'oileanaich.

 

..........................................

 

Cursa Sònraichte Gàidhlig


13 - 17 An t-Ògmhios

An t-Eilein Sgitheanach

 smoo

Thèid cùrsa sònraichte a thairgsinn do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig as t-samhradh a tha ga chur air dòigh le Sabhal Mòr Ostaig agus muinntir Fhlòdaigearraidh an ceann-a-tuath an Eilein Sgitheanach.

Bidh cothrom aig luchd-ionnsachaidh seachdain a chur seachad le muinntir na sgìre ag ionnsachadh mu chànan agus mu chultar an àite. Tòisichidh an cùrsa air Diluain 13 An t-Ògmhios (June) le prògram slàn de thachartasan a' dol gu Dihaoine 17mh.

Cuir fios gu 01471 888242 air neo goirid@smo.uhi.ac.uk airson àite a ghleidheadh air a' chùrsa no tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn.

..........................................  

 

Seachdain Bàrdachd

 

Sgeama Companas Dealbh-tìre Na Comraich

27 An t-Ògmhios - 1 An t-Iuchar 

A' Chomraich, Taobh Siar Rois

  

megamiles campbell

 

Air a chur air dòigh leis a'bhuidhinn Bealach, bidh an sgoil bhàrdachd còig latha seo a' brosnachadh is a' moladh bàrdachd Ghàidhlig tro chlasaichean, òraidean, bùithtean-obrach agus tachartasan air an oir. 'S e bàrdachd Uilleim Rois a tha againn mar chuspair am-bliadhna, bithear a'comharrachadh 100 bliadhna on a rugadh Somhairle MacGill-Eain agus cluinnidh sinn bho bhàird chliùiteach an là an-diugh leithid Rody Gorman, Maoilios Caimbeul agus Meg Bateman.

Airson àite fhaighinn agus barrachd fiosrachadh:

Fòn: 01520 744482

Tadhal air: www.sgoilbhardachd.co.uk

no cuir post-d gu: sine@sgoilbhardachd.co.uk

 

.......................................... 

 

Tachartasan eile ann an Alba 

   

Glaschu

 

Gàidhlig airson Luchd-Ionnsachaidh Ùr

 

29 An t-Ògmhios

 

Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

7f

 

Ionnsaich an cànan gu neo-fhoirmeil le luchd-teagaisg à Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. An uairsin feuch na dh'ionnsaich thu a-mach aig cruinnichidhean sòisealta agus tachartasn eile a bhios iad a' cur ri chèile.

 

Airson tuilleadh fiosrachadh cuir fòn gu: 0141 632 0643  

 

_________________________

   

Inbhir Nis 

 

Sgeulachdan Gàidhlig

 

16 An t-Ògmhios

 

Abriachan, Inbhir Nis

£3(£2)

 

Lean Roddy Mac Gill-Eain agus e ag innse sgeulachdan agus a' toirt fiosrachadh mu ainmean àiteachan. Gheibh sibh tuilleadh fiosrachadh mun choinneimh an uair a cheannachas sibh ur tiocaidean. 

 

Tha e riatanach gun èarlaisich sibh ur tiocaidean.

 

_________________________

 

Obar Pheallaidh

 

Fèis Obar Pheallaidh

 

Disathairne 18 - Là na Sàbaid 19 An t-Ògmhios

Làrach Choimhearsnachd  Braghad Albainn
£7 (£5/Teaghlach £15)

 

Deireadh-Sheachdain de bhùithtean-obrach Dannsa Gàidhealachd airson aoisean 8+, comas sam bith. Oideachadh air a thairgsinn air an fhidhill, òrain Ghàidhlig, dannsa ceum, giotàr, am bogsa, pìobaireachd agus cànan Gàidhlig.

 

Tuilleadh fiosrachadh an seo... 


 

Cuirm-Chiùil ann an Crannog: Fèill Meadhan An t-Samhraidh

 

21 An t-Ògmhios

Loch Tay

 

Ceòl tradiseanta Gàidhealachd, òrain Gàidhlig agus àrainneachd Linn an Iarainn. BBQ Linn an Iarainn agus leann. Ages 18+.

 

Airson barrachd fiosrachadh: briog an seo...

 

_________________________ 

   

Peairt 

 

Co-Fharpais Naiseanta Òrain Albanach 2011

 

22 An t-Ògmhios

Talla-Chiùil Pheairt

10.15m

 

A' gabhail àite gach bliadhna, tha a' cho-fharpais ag amas air òrain tradiseanta na h-Alba a chumail beò agus slàn. Tha i fosgailte dha còisirean sgoile/òigridh bho air feadh na h-Alba.

 

Fòn: 01738 621031

www.saltiresociety.org.uk 

 

..........................................

Tha mi an dòchas gun chòrd an litir-naidheachd seo ribh. Cuiribh fios a dh'innse dhomh ma tha càil ann bu mhiann leibh fhaicinn innte an ath mhìos, neach sam bith bhom bu mhiann leibh cluinntinn no nì sam bith bu toigh leibh a chur a-steach innte!

 

 

Le gach deagh dhùrachd

Alexander Macleòid

 

This email was sent to craig@siliconglen.com by alexander.pne@gmail.com |  
GASD | 10 Shell Street | Stornoway | HS1 2BS | null
Post a Comment

Popular Posts